Trang, trang, trang le Bookbug!

bookbug-with-babyO chionn ghoirid, tha mi air a bhith a’ lìbhrigeadh seiseanan Bookbug Gàidhlig ann an Tunga, Loch Carrann agus sa Phloc. Bha mi cuideachd aig trèanadh Bookbug le Urras Leabhraichean na h-Alba a chuir Bòrd na Gàidhlig air dòigh. Bha seo feumail dha-rìribh – bha mo cheann air bhoil le beachdan!

Feumaidh mi aideachadh gun robh mi rudeigin iomagaineach nuair a chaidh iarraidh orm seisean Bookbug Gàidhlig a thoirt seachad an toiseach. Ciamar a bha mi dol a lìonadh leth-uair a thìde agus aire an fheadhainn bheaga (uile aig diofar ìrean leasachaidh) a ghleidheadh? Bha mi cuideachd a’ faireachdainn gun robh agam ri rudeigin diofraichte a chur dhan t-seisean a bharrachd air na h-òrain is eile a tha nam pàirt àbhaisteach den phasgan againn gus taic a chur ris an dòigh ’s a bheil a’ chlann a’ togail na Gàidhlig anns na buidhnean Pàrant is Pàiste air feadh na Gàidhealtachd.

Bha dràibh fada agam gu gach seisean, tro sheallaidhean eireachdail, agus thug sin cothrom dhomh ruith thairis air na bha mi dol a dhèanamh – a’ seinn leam fhèin gun na deugairean (agam fhèin!) a’ gearan mun t-seinn agam! Bha mo smuaintean cho mòr air Bookbug is gun do theab mi a dhol seachad air a’ cheann-rathaid agus cumail orm gu Ullapul an àite tighinn dhan Phloc!

Às dèidh 3 seiseanan a lìbhrigeadh, a chòrd glan rium fhèin, bha cothrom agam anail a ghabhail is smaoineachadh air mar a bha cùisean air a dhol.

bookbug-gaelic-chart

Tha am meòrachadh agam fhèin gu h-àrd air deagh bheachd a thoirt dhomh air mar a chaidh cùisean. Seo cuideachd beachdan a thug na pàrantan seachad:

“Had a great time at the Gaelic book bug session this afternoon. It was the first time we have been and **** really loved it, thanks Maree.”

“Yes it was really good ***** and I both enjoyed it, looking forward to next ceilidh !!”

“It is really good for the children to hear Gaelic in different contexts and from someone different, and they really enjoyed last time.”

Am fios air ais as cudromaiche ge-tà – gun robh a’ chlann deiseil is deònach com-pàirt a ghabhail. Agus gun robh gàire air aodann a h-uile Bookbug Beag!

Maree NicNeacail, Neach-Obrach Leasachadh Buidhnean Pàrant is Pàiste