Playing with boxes

As Gaelic Parent Toddler Development Workers we recognise that learning happens through children’s play and try to offer opportunities to support this. The amount of vocabulary that can be learned through simple play activities always surprises me. We always try to have something planned each session that will entice children’s interest and provide an opportunity to encourage the use and repetition of some simple Gaelic words.

However, I discovered recently that sometimes less is more and how much valuable enjoyment and learning children gain by improvising with simple props and following children’s spontaneous interests. Some parcels had recently arrived with some new play equipment and, it seemed that was all we needed, no not the toys, the boxes they came in!

playing-with-boxes-english

Leaving the toddlers to their own devices, one HUGE big square box became a tent, then a horse racing track and a trampoline! Other boxes soon became boats and cars! There were plenty of opportunities for imagination, creativity, exploration and, with support, Gaelic maths vocabulary development here e.g. – over, under, inside, around, big, small, bigger, square, pull, push etc. So, I’m now hoping the children will take charge of every session!

Carol-Anne Farquhar, Gaelic Parent and Toddler Development Worker, Thurso and Bettyhill

Mar Luchd-obrach Leasachaidh Pàrant is Pàiste Gàidhlig, tha sinn ag aithneachadh gu bheil ionnsachadh a’ tachairt tro chluiche chloinne agus tha sinn a’ feuchainn ri cothroman a chruthachadh gus taic a thoirt dhan a seo. Tha e an-còmhnaidh a’ cur iongnadh orm gu bheil na h-uimhir de bhriathrachas ann a ghabhas ionnsachadh tro chluiche sìmplidh. Bidh sinn a’ feuchainn ri rudeigin a chur air dòigh gach seisean gus ùidh na cloinne a thogail agus cothrom a thoirt seachad gus cleachdadh is ath-aithris le faclan sìmplidh Gàidhlig a bhrosnachadh.

Ach, o chionn ghoirid fhuair mi a-mach gu bheil amannan ann nuair a tha beagan nas fheàrr na barrachd agus cho luachmhor ’s a tha e do chloinn a bhith a’ gabhail tlachd is ag ionnsachadh le bhith a’ cleachdadh rudan sìmplidh is mac-meanmna. Tha e cuideachd feumail a bhith a’ leantainn ùidh na cloinne fhèin mar a bhios rudan a’ dol air adhart gu nàdarra. Bha parsailean air tighinn o chionn ghoirid le acfhainn cluiche ùr agus a rèir coltais cha robh a dhìth air a’ chloinn ach na bogsaichean san tàinig iad!

playing-with-boxes-gaelic

A’ fàgail nam pàistean a’ cluiche fon stiùir fhèin, chleachd iad aon bhogsa MÒR, a’ dèanamh teanta leis, an uair sin slighe-rèis airson eich agus an uair sin trampoline! Rinn iad bàtaichean is càraichean de na bogsaichean eile! Bha cothroman gu leòr ann airson mac-meanmna, cruthachas, rannsachadh, agus le taic, leasachadh air a’ bhriathrachas matamataig aca m.e. – thairis, fo, am broinn, timcheall air, mòr, beag, nas motha, ceàrnag, slaod, put is eile. A-nis tha mi an dòchas gun gabh a’ chlann làmh an uachdair anns gach seisean!

Carol-Anna NicFhearchair Ògmhios 15, Neach-Obrach Leasachadh Buidhnean Pàrant is Pàiste, Inbhir Theorsa agus Am Blaran Odhar